Gaelic: An saidheans air fad mu mhuilnean Ratharsair
Seo a-nist leabhar beag mu mhuilnean ann am Beurla: The Raasay Mills / Muilnean Ratharsair le Rebecca S. Mackay. A-rithist, eachdraidh thionnsgalach na Gaidhealtachd; ach feumaidh mi ràdh gun d’fhuair mi leabhar na ceilpe fada nas fhasa a leantainn na am fear sa.
Tha The Raasay Mills mu thrì toglaichean ’s mu na daoine bha ’nan lùib: seann mhuileann mineadh ann an Inbhir Àrais, a thogadh a réir choltais ann an 1761, a rinneadh ’na mhuileann-sàibh mu 1851, ’s a bhios ’na phàirt de dh’ionad dualchais a tha Urras Dualchas Ratharsair a’ togail; muileann-sàibh a rinneadh de na toglaichean aig “No. 2 Mine” mu 1915, nas fhaisge air na coilltean; agus muileann-sàibh ùr a thog Comisean na Coilltireachd ann an 1938–40.
Advertisement
Hide AdAon de na rudan math mun leabhar se na daoine. Tha an t-ùghdar a’ toirt tarraing orra air ainm, air farainm, air sloinneadh agus/neo air àite-fuirich, uil’ ann an dòigh nàdarra, ’s gun dearmad air na boireannaich. Rud math eile se na dealbhan – tha tòrr dhiubh ann, ’s iad math dha-rìribh, eadar seann fheadhainn dubh ’s geal agus feadhainn ùra dathte – dhùraiginn mu mhóran dhiubh gun robh iad na bu mhotha.
Ach obh, obh, tha an sgrìobhadh mu na toglaichean cho teicnigeach, ’s chan eil an t-ùghdar a’ gabhail prìosanaich! Bidh i dìochuimhneachadh innse dhuinn co air a tha i a-mach mun leum i a-staigh dhan chlàbar uair eile ’na wellies, slat-thomhais ’na dara làimh agus calcaleutair ’na t’éile. Chan eil i ag innse dhuinn an àite sam bith gur ann mu thrì muilnean a tha an leabhar –dh’obraich mi siud a-mach dhomh fhìn. ’S ged a tha i déiligeadh gu mionaideach ri trì muilnean-sàibh tha i ’g innse dhuinn tòrr a bharrachd mu bhleith mineadh na mu obair na coilltireachd. Cha b’ann ach an uair a chuir mi ’n leabhar sìos a bhuail an smuain orm gum b’ e
Coille Ratharsair
minnim, labharaig:
mo chiall cagarain,
mo leanabh cadalach
a bha ga leagadh ’s ga pronnadh ’s ga cur air muin làraidh.
Còrdaidh an teacsa ri ailtirean ’s ri Ratharsaich agus na dealbhan ri luchd-tadhail. Gheibhear an leabhar bho Urras Dualchas Ratharsair, 6 Pàirce Othasgaig, Ratharsair, IV40 8PB, prìs £8 + postachd. Théid na prothaidean gu ath-ùrachadh na Seann Mhuilneadh.