Màthair nan uile blàr
Chan eil luchd-eachdraidh ag aontachadh cia mheud mìle duine a bh’ air gach taobh – seachd, ochd, naoi, deich? Chan eil iad fiùs ag aontachadh co leis a chaidh an latha, mas ann le duine sam bith. Aon nì tha cinnteach, ge-tà, se gun do dh’aithnich Dòmhnall gun do rinn e mearachd uabhasach, gun do thionndaidh e le arm ’s gun do thill e dha na h-Eileanan.
Seo as cuspair do leabhar ùr inntinneach, Bludie Harlaw: Realities, Myths, Ballads, le Iain A Olson (Birlinn, £14.99).
Advertisement
Hide AdAdvertisement
Hide AdAn toiseach tha Olson a’ cur an céill dé bha tachairt ann an rìoghachd na h-Alba aig an àm, agus dé tha na diofar thùsan ag innse dhuinn. Am measg an fheadhainn as tràithe tha eachdraidhean Bower, Major, Boece agus Bhochanain, bailead ann am Beurla na h-Alba (Albais), am “Brosnachadh Catha” Gàidhlig a th’ air a chur ás leth Lachlainn Mhóir MhicMhuirich, agus iomradh a sgrìobh an t-Easbaig Dioness (Donnchadh) Caimbeul ann an 1596. Am measg an fheadhainn as anmoiche tha eachdraidh Chloinn Raghnaill (Gàidhlig), eachdraidhean nan Dòmhnallach ’s nan Leathanach (Beurla), tuilleadh bhaileadan Albais agus Tales of a Grandfather aig Sir Bhàtar Scott. Tha eachdraidh Chloinn Raghnaill ag ràdh mu Dhòmhnall gun do “brisd se cath Gaifech cairfech”, a tha Olson a’ mìneachadh mar He won (brisd se) the costly (Gaifech = gáibhtheach = gàbhaidh) battle (cath) of Harlaw (cairfech = Gairbheach = Garioch). Tha mi cinnteach gu bheil e ceart.
Tha e a’ leigeil fhaicinn an uair sin gun do dh’fheuch Scott, gu sònraichte, ri thoirt a chreidsinn oirnn gun robh am blàr ’na chòmhstri eadar Gaidhil bhorba agus Goill shìobhalta son ceannas na h-Alba. Cha robh idir, a réir Olson. Bha Gàidhlig aig a h-uile duine san rìoghachd, cha mhór, gu h-àraidh tuath air Cluaidh agus Foirthe; bha Dòmhnall ’na sgoilear; b’e iarla Mhàrr mac an duine ris an canadh iad Faol Bhàideanaich, a loisg Àrd-Eaglais Eilginn gu làr; b’e adhbhar na h-iomairt aig Dòmhnall a thagairt ri iarlachd Rois, a chaidh a diùltadh dha le riaghladair na rìoghachd, diùc Albany (“dux nan Albannach”); bha na daoine seo uile an dlùth chàirdeas dha chéile agus dhan Rìgh Seumas I, Gaidheal eile a bha ’na phrìosanach ann an Sasainn; bha leithid Scott a’ gabhail suidheachadh 1745 ’s ga sparradh air 1411, nuair bha Alba ’na rìoghachd Ghaidhealach anns an robh beag-chuid a’ bruidhinn Fraingis, Fleamais, Beurla no Laideann, agus anns an robh “Gall” a’ ciallachadh “Lochlannach”.
Tha e coltach, a réir Olson, gun do ghluais Dòmhnall ’s an t-arm a dh’ionnsaigh Obar Dheathain a chionns gun deach am brosnachadh leis an fhàilte chridheil a fhuair iad ann an Ros agus Inbhir Nis. An uair a chaidh an fhàilte seo fuar, ’s a chaill na h-uiread am beatha, thuig e nach b’e seo an dòigh as fheàrr air càirdean a dhèanamh. Agus thill e an-iar.
Tha an obair aig Olson air na baileadan Albais cho faiceallach ’s gu bheil e ’na iongnadh ’s ’na mhealladh dùil nach tug e an aon chùram dha na h-òrain Ghàidhlig. Tha e a’ toirt dhuinn facail Uilleim MhicAoidh bho 1914, ge-tà, far a bheil cuid de na bàird a rinn iad air an liostadh. Le seo mar thoiseach tòiseachaidh, rinn mi fhìn cruinneachadh beag de rannan mu Harlà bho dhiofar bhàird (faic shìos), a’ sìneadh bho mu 1650 (Eachann Bacach) gu mu 1850 (Gilleasbaig Grannd).
Tha na bàird seo gu léir a’ moladh Dòmhnallaich (sìol Cholla, na “Collaidhnean”) no Leathanaich, an dà phrìomh chinneadh ann an arm rìgh nan Eilean aig Harlà; chaidh Eachann Ruadh nan Cath, an ceannard Leathanach, a mharbhadh ann. Chan eil ach dithist den naoinear a’ cumail a-mach gun do bhuinnig Dòmhnall; chan eil duine a’ cumail a-mach gun do chaill e, ach tha dithist a’ ceangal Harlà ris an sgeul gun robh smachd aig rìghrean nan Eilean air leth Alba agus aon taigh a chòrr – “Taigh nan Teud” ann an Athall.
Am faod sinn seo a ghabhail mar shamhla son “buaidh chaol”?
Rannan Gàidhlig mu Chath Gairbheach
Chuidich fear dhiubh Cath Gairbheach:
Fhuair sinn ulaidh fear th’ ainme theachd beò.
— Eachann Bacach
Sliochd nan curaidhean talmhaidh
Leis ’n do chuireadh cath Gairbheach;
Fhuair mi uiread dh’ur seanchas —
Gu robh ’n turas ud ainmeil,
Gu robh taigh is leth Alba fo’r cìs.
— Iain Lom
Chuidich Eachann Cath Ghairbheach
Le cruadal a lanntaibh.
— Mairghread nighean Lachainn
Bu cheannard buadhach uasal ainmeil
Eachann ruatharach ruadh nan garbh-chath:
Air son a ghluasaid bha fuath nan Gall ris
’S gun tug e àr orra ’m Blàr Chath Ghairbhich.
— Iain mac Ailein
Tha thu shliochd nam fear gasta
Bha ’m baiteal Chath Gairbheach
Rinn tiomnadh gun taise
Agus gaisgeadh le’n armaibh
Nuair thog iad corp Eachainn
O chasan an naimhdean
Air an tuaghannaibh sgaiteach,
Ga ghiùlan dachaigh tron Ghalldachd.
— Iain mac Theàrlaich Òig do Dhonnchadh MacAonghais
O ’n adhlaic sibh an dìochuimhn’
’N seana-chruadal mòr a bhà
An dualchas dhuibh o’r sinnsearachd,
Le’n d’fhuair sibh riamh na blàir?
O togaibh suas gu h-innsginneach
Ur n-inntinnean gu h-àrd —
Nach sinn air bheagan mhìltean linn
A thug linn fhìn Harlà?
— Alastair mac Mhaighstir Alastair
Bhuinnig iad latha Chath Gairbheach:
Rinn iad an argmaid a chomhdach.
Air bheagan comhnaidh gu trioblaid
Thug iad am bristeadh á mòran;
Mac Gill-Eathain ann le chuideachd
’S Lachlann cutach Mac-an-Tòisich.
— Iain MacCodrum
Sìol nan Collaidhnean treuna
Nach tréigeadh an claidheamh,
Dh’fhàs gu cruaidh-bhuilleach treubhach,
Bu mhath feum ri h-àm sgathaidh,
Leis na chuireadh Cath Ghairbh-Fhaich’,
’S gheibhte seanchas air fhathast.
— Ailean Dall MacDhùghaill
Sliochd nan Collaidhnean garga
Leis na chuireadh Cath Gailbheach
’S Domhnall Ballach nan garbhchreach
Rinn Taigh nan Teud aig leth Alba ’na chrìch.
— Gilleasbaig Grannd