Beul na gaoithe
• Bha crathadh làimhe ann eadar Màrtainn MacAonghais, a chleachd a bhith ’na cheannard IRA, agus a’ Bhanrigh Ealasaid.
• THUG an Dalai Lama òraid an Dùn Dé, Dùn Éideann ’s Inbhir Nis. Thathar ag ràdh nach robh Comhairle Dhùn Dé deònach a choinneachadh air sgàth dàimh Riaghaltas na h-Alba ri Sìona.
Advertisement
Hide AdAdvertisement
Hide Ad• Chuireadh càin mhór air Banca Barclays son beantainn gu neo-dhligheach ri ìrean de riadh.
• Tha leth mhillean duine a-nis a’ coimhead BBC Alba gach seachdain, ’nam measg ceithir ás gach cóig de luchd Gàidhlig.
• Tha £6 millean ga chur mu seach mar thaic do choimhearsnachdan gus am fearann aca a cheannach.