CalMac ga do thoirt gu spadadh Chùil Lodair

MUS cuir thu an taigh bun os cionn a' coimhead air son Gath an earraich 2007 a tha thu cinnteach a cheannaich thu an-dé, gabh do shocair agus thoir sùil am broinn "Gath an earraich 2006". Seadh, rinn iad mearachd. Chuir iad a' bhliadhna cheàrr air a' chòmhdach.

Sin an aon rud a rinn iad cerr. Tha Gath 7 cho math ri math. Tha Fionnlagh MacLeid gu h-aona ghnothach a' cur a chuid linntean am measg a-chile 's a' toirt thugainn Ledhasach a' dol a thir-mr air bta ChalMac a chogadh s leth a' Phrionnsa Terlach air pircean Chil Lodair. Saoil car son a chuir seo an taghadh prlamaideach 'nam chuimhne an uair a leugh mi e? Tha e ag obrachadh mar litreachas agus cha chan mi ach gu bheil an t-m aig Acair aistidhean agus sgeulachdan cruinnichte Fhionnlaigh fhoillseachadh. Bu toil leam an leughadh a-rithist cmhla oir tha mac-meanmna torrach agus liut le faclan aig Fionnlagh nach eil idir a' fs air na craobhan.

Ach tha Gath, mar bha Gairm roimhe, ann cuideachd gus ileadh glan an fhoillseachadh a thoirt do sgrobhadairean ga agus ra. Tha Des Scholes a' cur chan e linntean ach chultaran am measg a-chile ann an sgeulachd far an e Beurla a' chnan a tha aig doras a' bhis agus Gidhlig agus Cuimris na burraidhean. (Car mar a rinn Ruaraidh MacThmais o chionn bhliadhnachan an uair a sgrobh e mu "Bhrd Leasachaidh Lunnainn 's Drochaid a' Chaim" ri linn stidheachadh an t-seann HIDB.) Tha Des a' cur a chorraig air an l a dh'atharraich eachdraidh - a' chomhairle chogaidh ud ann an Derby air 4 Dbhlachd 1745 far an do dhenaich seanalairean a' Phrionnsa merrsadh air Lunnainn.

Hide Ad
Hide Ad

Tha trr saoibhris eil' ann. Steaphanaidh Chaimbeul, aois 12, a' leigeil fhaicinn gum bi i 'na sgrobhadair cho math ri h-athair an ceann beagan bhliadhnachan mura bi e faiceallach. Iain S Mac a' Phearsain ag eadar-theangachadh Albert Camus gu sgileil - tha feum air a leithid. Agus Pdraig MacAoidh. C e Pdraig MacAoidh chan eil fhiosam ach tha rudeigin mun bhrdachd aige tha crdadh rium. A' toirt sil air a' bheagan a tha ann an Gath 7 dhith chanainn gu bheil an guth lirigeach, an guth ibhinn, an guth aoireil agus guth an fheallsanaich aige. Fon t-sanas GIDHLIG GUN CHREIDEAMH / GIDHLIG GUN DIA tha Pdraig a' sgrobhadh gu smplidh: "'Sin Gihlg,' thuirt e." Agus seo e air chuairt gu Beul Feirste: "na nigheanan nan sgiortan-sgoile goirid / 's casan casa fosgailte; dusan Sheelagh-nan-Gig / nan tights. Ce mheanbh-chuileagan / mar str brdail anns an stisean Bhotanaig / pioghaid a' cromadh mar dhe / is sil bheag luchd-turais ag amharc ainneart".

Related topics: